
21/07/2017
'S e aoigh na seachdain-sa, aon de phrìomh phìobairean an t-saoghail, Ailean Dòmhnullach, à Gleann Ùige. John is joined by respected piper, Allan MacDonald, from Glenuig.
Dà uair a thìde de shàr cheòl is còmhradh còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. An t-seachdain-sa, bidh Iain a' cur fàilt' air fear de phrìomh phìobairean an t-saoghail, Ailean Dòmhnallach.'S ann à Gleann Uige a tha Ailean agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh' aois. Fhuair e oideachadh an tòiseach le Màidsear na Pìoba Iain MacCoinnich (Ceann Loch Chille Chiarain) agus pìobaireachd le Bob Nicol (Bealadair) is Ruaraidh Dòmhnallach (Uibhist a Deas). Am measg nan iomadh duais a choisinn e ann am farpaisean, ghlèidh e an "Clasp" an Inbhir Nis dà thuras. Ach ged a bhitheadh e a' gabhail pàirt ann am farpaisean, rinn e obair mhòr airson dòighean cluiche ùra is diofraichte a thoirt a-steach do shaoghal nam pìobairean anns na 1970an 's na 1980an. A bharrachd air obair rannsachaidh ann am pailteas, tha Ailean air dà chruinneachadh de phuirt pìoba, sean is ùr, a chur an clò: The Moidart Collection (A' Chiad Cheud) is The Moidart Collection II (An Dara Ceud). Tha fèill mhòr air Ailean mar phìobaire, mar sheinneadair agus mar fhear-teagaisg aig fèisean is sgoiltean air feadh an t-saoghail. Tha e air a bhith a' teagasg aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus ann an Ionad na Pìobaireachd an Glaschu. Cluinnidh sinn seanchas Ailein, agus ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aige. A bharrachd air a sin, bidh measgachadh math de cheòl air a thaghadh le Iain Mac 'ille Mhìcheil fhèin dhuinn, a' gabhail a-steach cuid de na guthan 'Country' is fheàrr a th'ann.
John welcomes one of the world's most respected pipers, Allan MacDonald, from Glenuig. Allan has received many prestigious awards over the years and has recorded 2 albums of pipe music. During the show, he will reveal his 4 favourite pieces of music.
Last on
Clip
![]()
Mac'illeMhìcheil 210717
Duration: 05:56
Music Played
![]()
Cherryholmes
Tallahassee
![]()
David Nail & Little Big Town
When They're Gone (Lyle County)
![]()
Loretta Lynn & Jack White
This Old House
![]()
Jason Isbell & Amanda Shires
If I Needed You
![]()
Dwight Yoakam
Free to Go
- Swimmin’ Pools, Movie Stars.
- 002.
![]()
Gillian Welch
The Way It Goes
- Harrow And The Harvest, The.
- Acony.
- 4.
![]()
Battlefield Band
In and Out the Harbour / The Top Tier / Sleepy Maggie / Molly Rankin
- Threads.
- 001.
![]()
Maura O’Connell
Western Highway
![]()
Robert Ellis
Drivin'
![]()
Tríona Ní Dhomhnaill
Bríd
- The Key's Within.
- 010.
![]()
The Highwaymen
Live Forever
![]()
Mary Chapin Carpenter
When Halley Came To Jackson
![]()
Irvine, Andy & Spillane, Davy
Illyrian Dawn
- EastWind.
- 004.
![]()
Levon Helm
You'll Never Again Be Mine
- The Lost Notebooks Of Hank Williams.
- Sony Music Entertainment.
- 8.
![]()
Catriona Maclean
Tha Na Fèidh Am Bràigh Ùige
![]()
Allan MacDonald
Jewels Of The Ocean (Set)
Broadcast
- Fri 21 Jul 201721:00BBC Radio nan Gàidheal

