
A' cuimhneachadh air Chrissie Lawson nach maireann
Taghadh bhon tasglann agus sinn a' cuimhneachadh air Chrissie Lawson nach maireann. Coinneach Maclomhair visits the archives to remember Chrissie Lawson, who died recently.
An-diugh tha sinn anns an tasglann airson cuimhneachadh air deagh charaid do phrògram Choinnich agus luchd èisteachd Radio nan Gàidheal. Boireannach aig an robh cliù fada is farsainn airson obair-sloinnteareachd, eachdraidh nan Gàidheal agus eilthireachd. Bhuinneadh i do bhaile Sheiseadar ann an Leòdhas ach rinn i dachaigh còmhla ris an duine aice, Bill, anns an Taobh Tuath anns na Hearadh far an do stèidhich iad an gnìomhachas sloinnteareachd Co Leis Thu?
Am measg nan còmhraidhean tha Coinneach air chuairt còmhla ri Chrissie anns an Taobh Tuath às na Hearadh, Eaglais na h-Aoidhe ann an Leòdhas, Eilean Tharasaigh agus Eilean Hiort. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 11 Jul 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Jul 201721:00BBC Radio nan Gàidheal