
Coinneach madainn Diardaoin
Carson a tha gartain agus seilcheagan cho lìonmhor am bliadhna? Why are ticks and snails so abundant this summer?
Le deasbad mu chòirichean cànain ann an Èirinn a' Tuath a' dol am-meud, tha ceistean mu staid na Gaeilge a' togail ceann. Ach tha cuid de mhuinntir Ulaidh ag iarraidh còirichean nas làidire a thoirt do chànan eile a thathas ga bruidhinn ann - Beurla Ghallda Ulaidh neo Ulster Scots. Cluinnidh sinn bho fheadhainn a tha a' bruidhinn a' chànan seo a tha a' fuireach ann an Èirinn a' Tuath neo a tha eòlach air a' Bheurla Ghallda air gach taobh de Shruth na Maoile.
Le blas an t-Samhraidh tha na biastagan a-nochdadh agus am bliadhna tha na gartain agus na seilcheagan gu h-àraid lìonmhor.
Cluinnidh sinn mar a tha tinneas a' ghartain air fàs bitheanta am-measg dhaoine agus bheathaichean ann an Uibhist agus mar a tha tuathanaich, croitearan agus gàirnealairean air an sàrachadh leis an t-seilcheag. Mìnichidh an t-eòlaiche nàdar Niall Oileabhar, na diofar seòrsaichean sheilcheagan a tha rin lorg air feadh Alba agus gheibh sinn comhairle bho dhà shàr ghàirnealair - Calina NicDhòmhnaill agus Niall Caimbeul mu na dòighean as fhèarr smachd a chumail air na seilcheagan. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 6 Jul 201709:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Jul 201721:13BBC Radio nan Gàidheal