
Episode 153
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain a dh'fhalbh o chionn ceud bliadhna. The events of the First World War, from one hundred years ago.
Ann an Gazette Steòrnabhaigh bha naidheachd iongantach air an t-seachdain sa mu fhear a mhuinntir a' Bhac - Ruaraidh Dòmhnallach, mac Mhurchaidh Phortair. Bha e air a bhith sna naidheachdan ron a seo, e fhèin is gille a mhuinntir Loch an Inbhir, nuair a chuir iad bàt-aigeil Gearmailteach fodha is a fhuair Ruaraidh leth-cheud not mar thaing bhon fheadhainn leis an robh am bàta air an robh iad. An turas seo bha iad air bàta, nach fhaodadh am pàipear ainmeachadh, 240 mile bho thìr, nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt oirre le bàt'-aigeil. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mun uabhas a thachair.
Agus air an 29mh den Ògmhios 1917, an dèidh faisg air bliadhna a thoirt ann, b' fheudar do Iseabail Ros Ostrovo fhàgail - agus cha b' ann dha deòin mar a chluinneas sinn.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 290617
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 29 Jun 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 30 Jun 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
