
Coinneach madainn Diardaoin.
Bha Coinneach Òg an làthair air taisbeanadh Urras Ghabhsainn: Buntanas - The People of the Galson Estate. The Galson Estate exhibition: Buntanas - The People of the Galson Estate.
An-diugh cluinnidh sinn mar a tha Rìgh Saudi a' taghadh a mhac fhèin airson àite a' ghabhail seach mac a' bhràthair.
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le geàrr-chunntas air Gàidheal eile a tha airidh air urram ach air nach cuala sinn mòran. An-diugh Lady Victoria Chaimbeul (1854 gu 1910), tè de nigheanan an 6mh Diùc Earra Ghàidheal. Ghabh i ùidh shònraichte ann an Eilean Thiriodh agus cluinnidh sinn an tuilleadh mun a sin.
Tha taisbeanadh ùr de dhealbhan camara air fosgladh air Taobh Siar Leòdhais. Tha Buntanas - The People of the Galson Estate in 2017 a' comharrachadh deich bliadhna de dh' Urras Oighreachd Ghabhsainn. Chaidh an neach-dealbh Fiona Rennie a-mach le camara a' thogail dhealbhan do mhuinntir na sgìre. Chruinnich sluagh aig oifisean na h-Urrais oidhche Mhàirt airson a' chiad sealladh dhen taisbeanadh. Bha Coinneach an làthair agus cluinnidh sinn an tuilleadh anns a' phrògram an-diugh. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 22 Jun 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Jun 201721:13BBC Radio nan Gàidheal