
Feasgar air Diciadain
Ciamar a thèid aig seinneadairean air faireachaidhean brònach a chur dhan t-seinn aca gun briseadh sìos? How can singers show emotion in their songs without breaking down?
Bha Robbie Williams a' seinn aig consairt One Love Ariana Grande ann am Manchester aig an deireadh sheachdain 'sa chaidh. Fhad 's a bha e a' seinn an òran Angels thàinig briseadh dhan ghuth aige agus b' fheudar dha faighneachd dhan luchd-èisteachd a chuideachadh. Tha seo a' togail na ceist, ciamar is urrainn dha seinneadairean faireachaidhean brònach a chuir dhan òran, gun iad briseadh sìos?
Tha Andre Agassi air tòiseachadh na choidse dha Novak Djokovich. Bha e fhèin na chluicheadair gu math soirbheachail na latha. Tha seo ri fhaicinn uabhasach tric ann an diofar spòrsan, cluicheadairean a' tighinn air ais dhan spòrs nan coidsichean. Dìreach aig an deireadh sheachdain chunnaic sinn eisimpleir dhan a seo le Zinedine Zidane a' buannachadh cupa an Champions League airson an dàrna bliadhna le Real Madrid. A bheil sàr-chluicheadairean spòrs nan coidsichean nas fheàrr na dìreach daoine le ùidh ann an spòrs?
Saoil dè a dhèanadh Dòmhnall I Dòmhnallach nam bitheadh e os cionn cùisean an t-saoghail. Tha esan an seo a' cur a mhac-meanmna gu dol. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Music Played
![]()
Kaiser Chiefs
Hole in My Soul
- Hole in My Soul.
- Caroline International.
- 2.
![]()
Thea Gilmore
New
- The Counterweight.
- Cooking Vinyl.
- 11.
![]()
Haim
Want You Back
- Something to Tell You.
- Polydor.
- 1.
![]()
JP Cooper
Passport Home
- Passport Home.
- Island.
- 001.
Broadcast
- Wed 7 Jun 201712:33BBC Radio nan Gàidheal
