
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Chaidh ionnsaigh eile a thoirt air Cavalry Farm air an 28mh den Ghiblean 1917. Bha na Seachdamh Camshronaich an teas-meadhan na h-ionnsaigh is chaill iad còrr is tri fichead saighdear. Bha call cuideachd aig Arleux, aig Treas Blàr an Scarpe agus aig Bullecourt, mar a chluinneas sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Agus air a' chiad latha den Chèitean thàinig na Stàitean Aonaichte ceum nas fhaisge air a bhith an sàs sa Chogadh nuair a ràinig a' chabhlach aca Queenstown, Còbh san là-an-diugh, an ceann-a-deas Èirinn.
Chaidh Ìomhar MacCoinnich, mac Iain Chaluim Chaluim à Bràigh na h-Aoidhe ann an Leòdhas, a mharbhadh san Fhraing air an 9mh den Chèitean 1917. Bha Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, a bha glè òg aig an àm, eòlach air Ìomhar agus 's ann dha a rinn e an t-òran, 'Socair Ort, a Dhòmhnaill, Seall'. Bhruidhinn Murchadh ri Fread MacAmhlaigh mun òran ann an 1972 agus cluinnidh sinn earrann dhan program sin a seo, agus Murchadh ag aithris na bàrdachd.
Bha sabaid chruaidh a' leantainn meadhan a' Chèitein 1917 timcheall air Arras. Tha Murchadh Moireach, bhon a' Bhac, a bha na oifigear anns na Sìophortaich, a' toirt dealbh na leabhar-latha air an dara là deug air an sgrios a dh'fhuiling am baile fhèin. 'Am baile briste an iomadh àite - gu h-àraid mullach nan taighean. Cuid mhòr dheth uile ri làr - an eaglais mhòr labhrach air meud is maise. Obair-beatha iomadh linn air a thur-sguabadh le innealan sgrios na linne seo - gun truas gun bhacadh cogais'.
Air an t-seachdamh là deug cuideachd chaidh am bata-carago armaichte, an SS Dartmoor, a chur fodha faisg air taigh-solais Fastnet. Bha seòladairean às na h-Eileanan am measg na còig air fhichead a chaidh a bhàthadh, ceathrar à Barraigh agus fear à Tiriodh.
Last on
Broadcasts
- Mon 22 May 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 22 May 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 May 201713:00BBC Radio nan Gàidheal