
Episode 147
Fianais air sgrios Arras, Blàr Bullecourt seachad agus an SS Dartmoor dha cuir fodha. Events of WW1, including destruction at Arras and the end of the Battle of Bullecourt.
Bha sabaid chruaidh a' leantainn meadhan a' Chèitein 1917 timcheall air Arras. Tha Murchadh Moireach, bhon a' Bhac, a bha na oifigear anns na Sìophortaich, a' toirt dealbh na leabhar-latha air an dara là deug air an sgrios a dh'fhuiling am baile fhèin. 'Am baile briste an iomadh àite - gu h-àraid mullach nan taighean. Cuid mhòr dheth uile ri làr - an eaglais mhòr labhrach air meud is maise. Obair-beatha iomadh linn air a thur-sguabadh le innealan sgrios na linne seo - gun truas gun bhacadh cogais'.
Air an t-seachdamh là deug cuideachd chaidh am bata-carago armaichte, an SS Dartmoor, a chur fodha faisg air taigh-solais Fastnet. Bha seòladairean às na h-Eileanan am measg na còig air fhichead a chaidh a bhàthadh, ceathrar à Barraigh agus fear à Tiriodh, mar a chluinneas inn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 180517
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 18 May 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 19 May 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
