
Coinneach air Diardaoin
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le Gàidheal eile a tha airidh air urram. Donald W Stewart is back with another Gael worthy of recognition.
An-diugh beachd air prògraman a chaidh a chraoladh air Seanail 4 oidhche Luain agus a-rithist an-raoir - Ivanka Trump: America's Real First Lady. Thug Anna NicLeòid sùil air an dà phrògram agus tha i a' toirt a beachd orra. Cuideachd dè dìreach cho cumhachdach is a tha Ivanka Trump ann an saoghal poilitigeach Ameireaga?
Cluinnear cuideachd aithris a chlàr Coinneach aig Bunscoill Ghaelgagh Eilean Mhanainn. Tha clann air an teagasg anns a' Ghàidhlig Mhanainnich aig an sgoil seo.
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais le geàrr-chunntas air Gàidheal eile a tha airidh air urram ach air nach cuala sinn mòran. An-diugh, Dòmhnall Rois (1872 -1948) à Dòrnach. B 'e an dealbhaiche bu ainmeil a-riamh ann an Ameireagaidh a bha a' cruthachadh cùrsaichean goilf.
Agus dè na cùrsaichean goilf as tarraingiche ann an Alba an-diugh? Cluinnidh sinn bho cheathrar a bhios a' cur seachad an cairteal ris a' ghèam! www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 18 May 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 18 May 201721:13BBC Radio nan Gàidheal