
Coinneach madainn Diciadain
Tha Murchadh Macleòid ag innse mu na treubhan à Meadhan Àisia a dh' imrich dhan an Ruis. Murdo Macleod talks about Central Asian migration to Russia.
Dè cho comasach 'sa tha sinn air na compiutaran againn a dhìon bho ionnsaighean tèarainteachd? Gheibh sinn stiùireadh bhon eòlaiche teicneolas Dòmhnall Dòmhnallach.
Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacLeòid mu na treubhan à Meadhan Àisia a dh' imrich dhan an Ruis.
Tha aithrisean ann gu bheil na laomainn gu bhi nam plàigh air a bhliadhna seo agus mìnichidh Niall Oileabhar dhuinn dè an seòrsa creutairean a th' anns na laomainn. Tha Sandra Mhoireach a' mìneachadh an sgrios an nì iad air aodach agus gheibh sinn comhairle bhuaipe a thaobh cuidhteas fhaighinn orra.
Gach seachdain tha Coinneach a' toirt sùil air dreuchdan eadar-dhealaichte ach cò ris a bhios iad coltach ann an còig thar fhichead bliadhna eile. An t-seachdain 'sa tha Eòghainn Stiùbhairt a' dèanamh beagan fàidheadaireachd air obair luchd teagaisg. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcast
- Wed 12 Apr 201721:00BBC Radio nan Gàidheal