
Episode 143
Call gu leòr aig muir ach toileachas dha dhèanamh ri dà sgadan air tìr sa bhlàr. The events of WW1, including losses at sea and a moment from the battlefield as herring are eaten.
Chaidh an SS Arcadian a chur fodha le torpedo mu shia mìle fichead an ear-thuath air Milos, eilean Greugach air a 15mh den Ghiblean 1917 agus an aon là chaidh an Cameronia, air a slighe à Marseilles gu Alexandria, a chur fodha ceud gu leth mìle mara à Malta agus an SS Cairndhu a chur fodha còig mile fichead an iar air Beachy Head is i air an t-slighe bho Abhainn Tyne gu Gibraltar. Còig là às dèidh sin, gun rabhadh, chaidh an SS Caithness a chur fodha le torpedo bhon bhàt'-aigeil U-52. Mar a chluinneas sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill bha àireamh de dh'eileanaich am measg na chaill am beatha.
Bha baile Tholastaidh bho Thuath a' faireachdainn call a' chogaidh gu mòr, le cunntas aig Gaseat Steòrnabhaigh air a' bhuaidh sin nuair a thàinig naidheachd-bàis Iain MhicNeacail.
Ach bha cuideachd sgeulachd annasach aca, air a sgrìobhadh le Iain MacIllEathain, air an robh am far-ainm An Kaid. Sa Ghiblean 1917 bha e anns na trainnsichean anns an Fhraing far an robh e air coinneachadh ri Leòdhasach air an robh Ruaraidh MacLeòid. 'S beag a bha dhùil aig a' Khaid ris an annlan a bh' aige dha.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 200417
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 20 Apr 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 21 Apr 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
