
Sgioba Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Sgioba Camanachd an Eilein Sgitheanaich còmhla ri chèile a-rithist. A reunion with former members of Skye Shinty Club.
Sgioba Camanachd an Eilein Sgitheanaich còmhla ri chèile a-rithist. A reunion with former members of Skye Shinty Club.
Long Desc
Ann an àite far a bheil iomain cho mòr ann an cultar agus beatha dhaoine, cha tèid Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd sa Ghearastan air an dàrna latha den Ògmhios 1990 air chall ann an eachdraidh an eilein. Ach cha b' ann gun strì a fhuair na balaich ann agus bha geamachan fìor dhoirbh romhpa air an t-slighe.
Anns a' phrògram seo tha John 'Bodach' MacCoinnich, Donaidh Màrtainn, Kenny MacAoidh agus Donaidh Dòmhnallach a' toiseachadh le sùil air na cuairtean tràth den fharpais. An dèidh dha na Sgitheanaich a' chùis a dhèanamh air Lobhat sa chiad chuairt, bha Cinn a' Ghiùthsaich aca ann am Port Rìgh sa chairteal chuairt dheireannaich agus tha deagh chuimhne aig na seòid air an latha sin.
Last on
Balaich an Iomain

Broadcasts
- Thu 9 Mar 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 9 Mar 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Mar 201709:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 30 Sep 201713:00BBC Radio nan Gàidheal