
Feasgar Dimàirt
Tha Ruairidh Alasdair air a bhith a' coimhead air a' film ùr Logan. Ruairidh Alasdair has been to see the new film Logan based on the superhero Wolverine.
Thòisich drama ùr Clique air loidhne air BBC 3 oidhche na Sàbaid. Tha Sorcha Groundsell a' mìneachadh cò mu dheidhinn a tha an dràma ùr seo agus am pàirt a th' aice fhèin ann.
Tha dràibhearan ùra a thèid a ghlacadh a' cleachdadh fònaichean-làimh anns na carbadan aca, taobh a-staigh dà bhliadhna an dèidh dhaibh an deuchainn fhaighinn, a' dol a chall an cead dràibhidh aca fo riaghailtean ùr. Tha na peanasan air dùblachadh bho thoiseach na Màirt gu sia puingean agus càin dà cheud not. Cuideachd feumaidh dràibhearan òg sam bith a gheibh sia puingean, an deuchainn phractaigeach agus an deuchainn sgrìobhte a shuidhe a-rithist. Tha Cathy a' faighinn facal air triùir dhràibhearan ach dè am beachd air na riaghailtean.
Agus tha Ruairidh Alasdair air ais leis na naidheachdan film is ùire agus an t-seachdain 'sa tha e air a bhith a' coimhead an dealbh Ameireaganach Logan stèidhichte air a' character ghaisgeach Wolverine. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
![]()
Clique
Duration: 12:24
Music Played
![]()
Lissie
Hollywood
- My Wild West.
- Cooking Vinyl.
- 002.
![]()
Bright Light Bright Light
Running Back to You (feat. Elton John)
- Choreography.
- 004.
![]()
Emeli Sandé
Highs & Lows
- Long Live the Angels.
- Virgin.
- 014.
![]()
Skott
Glitter and Gloss
![]()
Charlie Puth
Left Right Left
- Nine Track Mind.
- Atlantic.
- 008.
Broadcast
- Tue 7 Mar 201712:33BBC Radio nan Gàidheal

