
Balaich a bhiodh a' càradh nan rathaidean
Feadhainn a bha uair ag obair còmhla ri chèile a-rithist. An-diugh balaich a bhiodh a' càradh nan rathaidean. A reunion of former workmates from Skye & Lochalsh Roads Dept.
Thug Balaich a' Chounty an t-ainm fon t-seann ùghdarras, Comhairle Siorrachd Inbhir Nis, a chaidh à bith ann an 1975. Thàinig Comhairle Roinneil na Gàidhealtachd an dèidh sin, agus an dèidh sin a-rithist, ann an 1996, an t-ùghdarras ionadail air am bheil sinn èolach an-diugh, Comhairle na Gàidhealtachd. Ach a dh'aindeoin nan atharraichean sin 's e Balaich a' Chounty a bha, a tha, agus a bhios orra. Chuir John Angus MacCoinnich, Seumas MacLaomainn, Ailean Dòmhnallach, Tormod MacGilp agus Dòmhnall Ailein MacFhionghain earrann mhòr dem beatha-obrach seachad aig a' Chounty. Tha cuimhne aig John Angus, nuair a thòisich esan aig a' Chounty, gun robh mòran a bharrachd dhaoine ag obair a' càradh nan rathaidean aca na th' ann san latha an-diugh.
Last on
Broadcasts
- Thu 23 Feb 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 23 Feb 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Feb 201709:30BBC Radio nan Gàidheal