
Truailleadh Èadhar Lunnainn
Tha Seonag Achmed NicFhionghuinn ag aithris mu thruailleachd èadhar Lunnainn. Joan Achmed MacKinnon reports on the London smog situation.
Tha fear labhairt Taigh nan Cumantan, John Bercow, a' faighinn a dhubh chàineadh airson a ràdh gum bu chòir casg a chur air Dòmhnall Trump bho òraid a dhèanamh 'sa phàrlamaid nuair a thig e air turas stàite dhan dùthaich. Tha Tomaidh MacAsgail a' toirt dealbh air an obair a tha aig fear-labhairt.
Tha Seonag Achmed NicFhionghuinn ag aithris air truailleachd èadhar Lunnainn agus a' bhuaidh a th' aige air a' bhaile mhòr agus tha Tomaidh MacAsgail agus Tormod MacChoinnich a tha a' fuireach ann an Lunnainn ag innse cò ris a tha e coltach a bhith beò ann an leithid a dh' àrainneachd far a bheil daoine air an cuartachadh le toit-cheò.
Tha am poileas Calum Steele a' fàidheadaireachd air cò ris a bhios an obair aige coltach ann an còig thar fhichead bliadhna.
Agus tha Anna Nicleòid a' cur nar cuimhne Aonta Mhaastricht a chaidh a shoighneadh còig thar fhichead bliadhna air ais. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 8 Feb 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Feb 201721:00BBC Radio nan Gàidheal