
Tidsearan à Àrd-sgoil Phort Rìgh
Feadhainn a bha uair ag obair còmhla, ri chèile a-rithist. An-diugh tidsearan Àrd-sgoil Phort Rìgh. A reunion of former staff from Portree High School in Skye.
'Earbam' - sin suaicheantas Àrd-sgoil Phort Rìgh, agus 's iomadh duine a chuir earbsa airson an oideachadh anns an sgoil seo. Ged a tha cruth agus coltas na sgoile air atharrachadh gu mòr bhon a dh' fhosgail a' chiad te gu h-oifigeil bho chionn faisg air ceud gu leth bliadhna, tha an sgoil fhèin air a bhith na seasamh an ìre mhath air an aon làrach air Rathad na Slignich ann am Port Rìgh bhon uair sin.
Ach chan iad a-mhàin òigridh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair a chaidh tro a dorsan. Chuir iomadh eileanach eile, Hearaich agus Uibhistich nam measg, seachad làithean geala na sgoile innte cuideachd. Thug Seumas Dòmhnallach ceathrar còmhla, a bhuineas dhan Eilean Sgitheanach, agus chan e a-mhàin gun deach iad tron fhoghlam an Àrd-sgoil Phort Rìgh, ach thill iad uile a theagasg innte. Tha triùir dhiubh sin, Murdina Stiùbhart, Alasdair Ros agus Murchadh Peutan air an dreuchd fhàgail ach tha an ceathramh te, Màiri NicDhòmhnaill, fhathast a' teagaisg pàirt-ùine.
Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2017.
Last on
Broadcasts
- Thu 26 Jan 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 26 Jan 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Jan 201709:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Mar 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Mar 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Apr 202210:00BBC Radio nan Gàidheal