
Eapasod 1
Seanchasan mun t-seòladh bho eileanaich a bha thall 's a chunnaic. Le Fionnlagh Macleòid. Entertaining stories of life at sea from islanders who sailed every ocean.
Ma bha duine a' seasamh taobh muigh Talla Bhaile Steòrnabhaigh an dà là a thug Pròiseact nan Sgeulachd cuid de sheòladairean nan Eilean Siar cruinn ann a 2004 chan eil rian nach robh iad a' miannachadh a bhith staigh còmhla riutha leis na bha de ghàireachdainn ri chluinntinn. Bha seanchasan mu chur na mara, mu 'Pheggy', mu shoithichean, mu chompanaidhean agus mu chrosdachd dhen a h-uile seòrs', agus iad air an innse mar gur ann an oidhche ron a sin a bha iad air a thighinn dhachaigh bho sheòladh leis cho ùr 's a bha iad san innse. Bha a' mhòr-chuid dhiubh aotram ach bha feadhainn an làthair ris na thachair suidheachaidhean a bha duilich, ach aon uair 's gun thòisich iad cha ghabhadh stad a chur orra agus dhùisg iad iomadh cuimhne - sannd dìobhart do chuid!
Bha Fionnlagh Macleòid, a chur greiseag seachad aig muir e fhèin, còmhla riutha agus thagh e cuid dhan iomadh facal a chaidh a chlàradh - agus a ghabhadh a chraoladh!
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Balaich an t-Seòlaidh

Balaich an t-Seòlaidh

Broadcasts
- Sat 31 Dec 201622:35BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 202516:00BBC Radio nan Gàidheal