
Episode 1
Donnchadh MacFhionghain à Borgh am Beàrnaraigh a' còmhradh ri Dòmhnall Camshron mu bheatha. Duncan MacKinnon from Berneray tells Donald Cameron about his life.
Rugadh Donnchadh MacFhionghain ann a 1930 agus 's iomadh atharrachadh a tha e air fhaicinn an Eilean Bheàrnaraigh, Uibhist a Tuath bhon uair sin. Ann an còmhradh ri Dòmhnall Camshron, tha iad a' ruith air iomadach cuspair. Sa chiad phrògram gheibh sinn iomradh air mar a bha athair, Eachann, sa Chiad Chogadh agus seinnidh Donnchadh bàrdachd a rinn athair mu dheidhinn fòrladh a bh' aige. B' ann ri obair talmhainn a bha Donnchadh fad a bheatha agus cluinnidh sinn bhuaithe mu na h-atharraichidhean a chunnaic e a sin thar nam bliadhnaichean agus cuideachd mun obair a bh' aig athair às dèidh a' chogaidh.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Athair Dhonnchaidh - Eachann

Athair Dhonnchaidh, Eachann, na sheasamh san eathar. Tha seanair Dhonnchaidh, Fionnlagh Bàn, na sheasamh ri thaobh air tìr.
Bha a’ mhòine dìreach ri taobh an taighe am Borgh, mòine a thàinig à EileanThaghaigh a-mach bho na Tobha Beag aig ceann-a-muigh Loch Portain.
Broadcasts
- Mon 12 Dec 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 Dec 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Dec 201613:00BBC Radio nan Gàidheal