
Leabharaichean ùra Gàidhlig agus deireadh am bogsa-fòn poblach
Naidheachdan, deasbad, ceòl is cur-seachad aig àm bìdh còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Lunchtime news, debate, music and entertainment with Cathy MacDonald.
An-diugh, bidh dithis ùghdar ann an còmhradh ri Cathy mu na leabharaichean aca a th' air an ùr fhoillseachadh. 'S iad sin Seonag Monk leis an leabhar ficsean, Mil san Tì agus Maureen NicLeòid le A' Toirt Mo Chasan Leam, leabhar a sgrìobh i mu chuairt a chur i air an t-saoghail.
Cuideachd an-diugh, tha BT air dearbhadh gun tèid cuir-às dhen bhocsa-fòn poblach. Thairis air na deich bliadhna mu dheireadh, tha an àireamh de dhaoine a bhios gan cleachdadh air ìsleachadh 90%. Tha iad mur tha air cuir-às dhan dàrna-leth dhiubh agus iad ag ràdh nach eil an fheadhainn a th' air fhàgail air an cleachdadh ach uair no dhà gach bliadhna. Thairis air na bliadhnaichean, chaidh an cleachdadh airson iomadh adhbhar seach fònadh! Cluinnidh sinn beagan mun sin, mun luach a th' unnta a-nise mar shuaicheantas ealain, ach cuin a chleachd sibh fhèin fear mu dheireadh?!
Tha Breatainn fhathast air dheireadh air dùthchanan leithid Romania agus Peru a thaobh seirbheisean fon-làimhe. Nochd aithrisean naidheachd air an t-seachdain seo a bha ag ràdh gu bheil ceàrnaidhean mòra dhen rìoghachd fhathast nam "fàsaichan digiteach". Bidh Dòmhnall Dòmhnallach a' toirt beachd air a sin agus a' mìneachadh dè direach a th' ann an 4G agus 5G.
Sin agus ceòl gu leòr aig www.bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Music Played
![]()
Rebecca Ferguson
Stars
- Superwoman.
- Simco Ltd..
- 005.
![]()
Mika
Diamonds on the Soles of Her Shoes
- BBC Radio 2 Sounds of the 80s, Volume 2.
- Sony Music TV.
- 030.
![]()
Leslie Odom, Jr.
Winter Song
- Simply Christmas.
- S-Curve Records.
- 7.
![]()
Rose Murphy
Busy Line
- Mighty Like a Rose.
- Black and Blue.
- 3.
![]()
Kelvin Jones
As You Wake Up
- Stop the Moment.
- Four Music.
- 003.
![]()
Empire of the Sun
High and Low
- Two Vines.
- Universal.
- 002.
![]()
Lady A
Silent Night (Lord of My Life)
- On This Winter’s Night.
- 010.
Broadcast
- Thu 15 Dec 201612:33BBC Radio nan Gàidheal
