04/12/2016
Tha Ruairidh a' leantainn leis an sgeulachd aige mu Iain Spàinnteach agus Ailean a' Chnuic a chaidh a-mach air a chèile. Letters written in Gaelic to help learn the language.
Last on
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 603
Clip
![]()
Litir do Luchd Ionnsachaidh 907
Duration: 05:00
Litir 907: Iain Spàinnteach (3)
Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spàinnteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Thachair e ri fear ann an Toirbheartan a bha an làthair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe. Tha Iain ag innse dhuinn gun do chuir e an duine air a dhruim dìreachagus gun do theich e air ais don dùthaich aige fhèin.
Chuir e ri chèile buidheann de chòignear ghaisgeach agus thill iad do thaigh Chailein Deirg ann an dùthaich ʼic Coinnich. Ach b’ aithne do Chailean fàth a thurais agus bha ceathrad fear armaichte aige. ‘Tha an t-airgead air a chaitheamh,’ thuirt e ri Iain.
‘Ma tha an t-airgead air a chaitheamh,’ ars Iain, ‘tha duais ann dhaibhsan a chaith e.’
‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich Cailean.
‘A’ chroich,’ fhreagair Iain.
Leis a sin, dh’èirich sluagh Chailein. Bha iad a’ maoidheadh air Iain agus tharraing e a ghunna agus a bhiodag. Ach fhuair e fhèin ʼs a chompanaich air falbh gun dòrtadh-fala.
Thàinig lighiche ainmeil a thadhal air Iain ann an Cnòideart. Bha iad ag iasgach nuair a thàinig soitheach cogaidh faisg orra. Dh’iarr an lighiche air Iain a thoirt a-mach don t-soitheach, feuch bathar medigeach a cheannach bhuapa. Bha aig Iain ri bhith a’ toirt a’ chreidsinn nach robh Beurla aige, agus gur e sgalag a bh’ ann.
Gu mì-fhortanach dha, b’ e an soitheach am Porcupine, fo stiùir a’ Chaiptein Fheargasdain, fear a bha ainmeil airson a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach. Bha e cinnteach gur e Seumasach cliùmhor a bh’ ann an Iain agus chuir e an grèim e. ‘Chì thu Lunnainn fhathast,’ thuirt am Fearghasdanach.
‘ʼS iomadh baile mòr Eòrpach a chunnaic mi mu-thràth,’ fhreagair Iain ann an deagh Bheurla.
Nuair a ràinig iad Caol Mhuile, chaidh Iain a chur a-null gu soitheach cogaidh eile. Ach, an àite a dhol a Lunnainn, thàinig òrdugh bhon riaghaltas Iain a chur a Ghearasdan Inbhir Lòchaidh. Chaidh a chur air bòrd eathair airson a dhol ann.
Bha an criutha Èireannach. Dh’inns iad do Iain ann an Gàidhlig na h-Èireann, nan teicheadh e orra sa Ghearasdan, gun losgadh iad air ach gun dèanadh iad cinnteach nach buaileadh peilear ann. Dh’inns iad dha cuideachd gum b’ e am fear a bhrath e an Caiptean Ailean Dòmhnallach, Ailean a’ Chnuic, às an Eilean Sgitheanach. Bha e fhèin is Iain Spàinnteach air a dhol a-mach air a chèile roimhe air gnothach pearsanta.
Cha do ghabh Iain a chothrom, ge-tà, agus bha e sa phrìosan anns a’ Ghearasdan airson naoi mìosan. Goirid an dèidh sin, bha e ann an Gleann Eilg agus thachair e ri Ailean a’ Chnuic. ‘Tha fios agam carson a bhrath thu mi,’ ars Iain. ‘Thuirt mi gun robh thu nad ghealtair. Uill, tha mi ag ràdh an dearbh rud a-rithist, agus gu bheil thu nad bhleigeard a bharrachd!’
Bha Ailean dhen bheachd gun robh Iain a’ dol ga mhurt agus theich e don ghearasdan ann an Gleann Eilg a bha làn shaighdearan aig an àm. Cha do dh’fhàg e an gearasdan an dèidh sin gun dithis shaighdearan a bhith na chois.
Ach cha do mhuirt Iain Spàinnteach e. Phòs e, chaidh e a dh’fhuireach ann an Cnòideart agus ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773), chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain Spàinnteach: Spanish John; Cnòideart: Knoydart; Toirbheartan: Torridon; a’ maoidheadh air: threatening him; armaichte: armed; a’ chroich: the gibbet; soitheach cogaidh: warship; cliùmhor: renowned; Caol Mhuile: The Sound of Mull; Ailean a’ Chnuic: Allan of Knock; gealtair: coward.
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: thàinig òrdugh bhon riaghaltas Iain a chur a Ghearasdan Inbhir Lòchaidh: an order came from the government to send John to Fort William (literally ‘the Inverlochy Garrison’). This is the full Gaelic name of Fort William although we usually only call it ‘An Gearasdan’. But there were and are other ‘gearasdain’ including the barracks at Glenelg, which are mentioned in the Litir (the building is now a ruin). Note that Lochaber folk prefer the traditional spelling gearasdan, whereas GOC recommends gearastan. I have kept with the traditional spelling here because of the reference to the place name.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: b’ aithne do Chailean fàth a thurais: Colin knew the purpose of his journey.
Broadcasts
- Sun 4 Dec 201622:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Dec 201623:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.






