
Episode 122
Na h-ionnsaighean mu dheireadh aig Batal an Ancre aig an Somme ann a 1916. The events of WW1, including last offensives at the Somme in the Battle of the Ancre.
Air an ochdamh san naoitheamh latha deug dhen t-Samhain 1916 chunnacas na h-ionnsaighean mu dheireadh aig Batail Ancre agus an Somme. Bha sneachd is flin a' ciallachadh gun robh e gu math duilich dha na feachdan Co-chòmhraigeach an t-adhartas a bha iad ag iarraidh a dheànamh. Cluinnidh sinn bho Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh bailtean Beaumont Hamel agus Beaucourt an gabhail thairis gun teagamh ach nach do chuir iad làmh air Serre neo air an taobh a tuath dhen loidhne Ghearmailteach. Cha robh an t-sìde na chuideachadh oir bha am poll 's an clàbair a' cuideachadh an luchd-dìon, a' ciallachadh nach b'urrainn dha na feachdan Co-chòmhraigeach tancaichean a chleachdadh agus a' deànamh conaltradh fìor dhuilich cuideachd.
Cluinnidh sinn cuideachd mu dhuais a fhuair Dòmhnall Macleòid às an Rubha a Leòdhas airson bàt'-aigeil Gearmailteach a chuir fodha agus aithris anns an Ross-shire Journal a bha a' deànamh mìneachadh air an àireamh shoithichean a bha iomairt bàt'-aigeil nan Gearmailteach air a chur fodha.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 241116
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 24 Nov 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 25 Nov 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
