
Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh le Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach
Seirbheis Didòmhnaich Cuimhneachaidh le Siùsaidh NicDhonnchaidh, an Eaglais Bhaisteach. A Remembrance Sunday service with Suzie Roberts, Baptist Church Student.
Anns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
'Dèan Mise Nam Thosgaire Dhè do Shìth' le Kathleen agus Mairi NicAonghais
Tha a' bhuidheann soisgeulach Seinneamaid Còmhla à Stafainn a' seinn na laoidhean a leanas: 'Tha Mo Chridhe Làn de Bhuidheachas' agus 'Seo Cuan Gràidh Thar Meud na Mara'.
Cluinnear cuideachd buidheann soisgeulach Thòrabhaig a' seinn 'Spiorad Naomh Dhè' agus an còmhlan soisgeulach Na Brogues a' seinn 'Thig a Dhia nan uile Bheannachd' agus 'Gabh Mo Bheatha'.
Leughadh: Marcus 15: 33-39
Ceann-teagaisg: Marcus 15: 34
Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Tha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a-nise a' fuireach ann an Lunnainn cho fad 's a tha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Last on
Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts
- Sun 13 Nov 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Nov 201615:00BBC Radio nan Gàidheal