
Episode 2
Sgeulachd-beatha agus dìleab fear-saidheans à Leòdhas, an t-Ollamh Dòmhnall Calum MacArtair, a fhuair cliù an Ameireagaidh. The life and legacy of scientist Dr Donald MacArthur.
Choisinn an t-Oll. Dòmhnall Calum MacArtair à Borghastan ann an Leòdhas cliù ann an Ameireagaidh sna 60an mar fhear-saidheans tàlantach. Pòsta aig Diana Taylor, nighean le bràthair Lady Bird Johnson, bean Lyndon Baines Johnson, stèidhich e an companaidh Dynamac ann an 1970. Aig àm a bhàis ann an 1988 bha suas ri mìle duine ag obair dha. Tha a dhìleab ri fhaicinn tron chompanaidh a tha fhathast soirbheachail ann an Virginia agus anns a' choimhearsnachd às an do thogadh e. An dèidh a bhàis thug Diana tiodhlaicean airgid mar chuimneachan air Dòmhnall Calum do dhachaigh-cùraim is hospice Bhethesda ann an Steòrnabhagh agus do sgoilearan à Sgoil 'IcNeacail a tha airson saidheans a dhèanamh ann an Oilthigh Chill Rìmhinn.
Last on
Clip
![]()
Balach à Borghastan 2
Duration: 03:55
Broadcasts
- Tue 8 Nov 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 8 Nov 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Nov 201613:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 19 Jan 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 19 Jan 201722:10BBC Radio nan Gàidheal

