
2. Dleastanasan tha tighinn air daoine aig àm bàis
Sreath a' beachdachadh air a' bhàs a tha na cheann-uidhe aig gach duine againn. A series of reflections on the subject of death.
Aig iomadh àm agus ann an iomadh suidheachadh eadar-dhealaichte feumaidh cuideigin naidheachd bàis a thoirt dha teaghlach no dàimhean. Tha aig dotairean ri dhèanamh gu cinnteach, ach uaireannan 's dòcha gur e na poilis no pearsa-eaglais air an tig an t-uallach. Anns an dàrna prògram san t-sreath còmhla ri Jo NicDhòmhnaill bidh sinn a' beachdachadh air dleastanasan a tha a' tighinn air daoine aig àm bàis. Cluinnidh sinn bhon Urramach Iain Mac A' Ghobhainn a chuir seachad mòran bhliadhnaichean na mhinistear an Uibhist mu na diofar smuaintean a bhiodh aige 's e air an t-slighe le droch naidheachd gu dachaigh bha 's dòcha iomallach, 's mar a bhiodh e ga dheisealachadh fhèin airson naidheachd dhuilich innse. Tha an t-Urramach Eachann MacCoinnich, a tha na sheaplain anns an Arm, a' mìneachadh dè a' chiad rud a dh'fheumadh e dhèanamh nuair a chluinneadh e gu robh saighdear air a mharbhadh. Cuideachd, innsidh Maighstir Dòmhnall MacAoidh mar tha creideamh làidir na chuideachadh mòr dhaibhsan aig a bheil e, co-dhiù tha iad a' faighinn naidheachd bàis, a' lìbhrigeadh naidheachd bàis no a' beachdachadh air am beatha fhèin.
Tha am bàs ri chlàradh agus iomadh rud eile ri chur air dòigh leis an Stiùiriche Thòrraidhean mar a chluinneas Jo NicDhòmhnaill bho Aonghas Mac-a-Phì a tha anns an dreuchd sin ann am Beinn na Fadhla. Ach 's fhiach cuimhneachadh cuideachd air àm nuair nach robh leithid de sheirbheis mar seo ann. Agus tha Niall MacFhionghain agus Iain MacFhionghain à Ealaghol san Eilean Sgitheanach ag innse mun bhuaidh a bheireadh naidheachd bàis air a' choimhearsnachd.
Last on
Mgr Dòmhnall MacAoidh agus Jo NicDhòmhnaill

An t-Urramach Iain Mac A' Ghobhainn

Aonghas Mac-a-Phì

An t-Urramach Eachann MacCoinnich

Broadcasts
- Thu 3 Nov 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 Nov 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Nov 201609:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Mar 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Mar 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Mar 201813:00BBC Radio nan Gàidheal