
Cò iad agus dè bhios iad a' dèanamh?
Cò iad agus dè bhios iad a' dèanamh? Coinnichidh sinn ri cuid dhiubh san t-sreath seo. A series about mod stalwarts, meeting them to find out who they are and what they do.
Chan eil Mòd na bliadhna fad às agus airson na comataidh ionadail tha sin a' ciallachadh faochadh air aon làimh, agus uallach eile a' tòiseachadh air a' làimh eile . Ach tha iad air fad deiseil agus deònach agus a-nis a' cunntais, chan e na seachdainean ach na làithean agus na h-uairean a thìde gus an tòisich Mòd nan Eilean Siar 2016.
Tha obair mhòr an luib na comataidh ionadail agus iad a' strì fad grunn bhliadhnaichean a' togail airgid agus a' chuid as motha dhan obair airson a chruinneachadh air a dhèanamh gu saor-thoileach leis a' chomataidh ionadail.
Ann a Seòid a' Mhòid tha sinn a' coinneachadh ri cuid de na th' air a' chomataidh agus cuid de luchd-obrach a' Chomuinn Ghàidhealaich. Agus ged a 's e obair làitheil an luchd-obrach, 's iomadh uair is là a bharrachd a tha iad fhèin a' toirt seachad gu soar-thoileach.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Dòmhnall Dòmhnallach ag ullachadh airson lòn brot is mìlsean

Broadcasts
- Thu 6 Oct 201612:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Oct 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Oct 201609:30BBC Radio nan Gàidheal