
Fionnlagh 'A' Ghruagain' Macleòid & Dòmhnall 'Ryno' MacGilleMhoire - Nis
Ailean Caimbeul a' còmhradh ri Fionnlagh Macleòid mu fhar-ainmean sgìre Nis a Leòdhas. Allan Campbell talks to Finlay Macleod about the nicknames in the Ness area in Lewis.
Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gàidhealach.
Sa chiad phrògram tha Ailean a' faighinn brod de chruinneachadh bho Fhionnlagh Macleòid a thogadh an Adabroc a Nis. Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd Bothan Shuaineboist a rinn Aonghas Caimbeul, Am Puilean à Nis, bàrdachd a tha làn fhar-ainmean, air aithris le Dòmhnall MacGilleMhoire.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Tue 20 Sep 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 20 Sep 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Sep 201610:00BBC Radio nan Gàidheal