
Turas Sir John Franklin tro Chaolas an Iar Thuath
Ùrachadh air sgeulachd turas Sir John Franklin tro Chaolas an Iar Thuath. Coinneach Maclomhair discusses Sir John Franklin's search for the Northwest Passage.
Nochd an naidheachd an t-seachdain 'sa chaidh gun d' fhuaireadh lorg air an HMS Terror, am bàta air an robh Sir John Franklin 'sa a chriutha air bòrd, 's iad a' feuchainn ri dhol tro Chaolas an Iar Thuath ann an 1848. Tha an Caiptean Calum MacIlleathain ag innse cò a lorg i, càite an tàinig iad tarsainn oirre agus dè a chaidh fhaighinn na broinn. Ach an toiseach cluinnidh sinn còmhradh a chaidh a chlàradh leis a' Chaiptean Calum bho chionn dà bhliadhna nuair a chaidh a' chiad soitheach an HMS Erebus a lorg agus e cuideachd a' mìneachadh cò dìreach a bh' ann Sir James Franklin.
Tha Urras nan Leabhraichean air taic a thoirt do Sgoil Bhàgh a Chaisteil ann am Barraigh, an sgeulaiche ainmeil Mairead Bennett a thoirt dhan an sgoil airson obrachadh còmhla ris na sgoilearan agus an luchd teagasg airson sgilean litreachais, leughadh agus sgrìobhadh a bhrosnachadh. Tha Ceannard na sgoile, Annag NicIlleathain ag innse na buannachdan a bhios an lùib na h-iomairt seo.
Thèid co-labhairt a chumail aig Oilthigh Ghlaschu aig deireadh na seachdain 'sa mu obair an fhear cruinneachaidh dualchas nan Gàidheil, an t-Urramach Seumas MacLagain, a bha a' cruinneachadh ro 1750. Tha Sìm Innes, Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Aonghas MacCoinnich ag innse mun stòras sgrìobhaidhean a chruinnich e. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 15 Sep 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 Sep 201621:13BBC Radio nan Gàidheal