
07/09/2016
A' cuimhneachadh air 7:84 agus The Cheviot, The Stag and The Black Black Oil. Memories of 7:84 and The Cheviot, The Stag and The Black Black Oil.
Tha an dealbh-chluich The Cheviot, The Stag and The Black Black Oil air tilleadh chun an àrd-ùrlar, dà fhichead bliadhna bho nochd e an toiseach. Cluinnidh sinn an-diugh còmhradh à tasglann a' BhBC air a' bhuaidh a bh' aig dràma poilitigeach air Alba aig an àm.
Tha Coinneach air ais ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba cuide ri Aonghas Pàdruig Caimbeul a tha a' faighinn cothrom, le taic bho Chomann Gavin Wallace, an stòras a rannsachadh. Cuspair an latha an-diugh, Litrichean Ràibeart Burns.
Thèid cùirm a chumail ann an Talla Chille Mhoire an ath-oidhch' a' comharrachadh na tha Eòin Dòmhnallach air cuir ri cultair nan Gàidheal. Gheibh sibh cothrom èisteachd ri còmhradh eadar Eòin agus Coinneach ann am baile àraich, Hungladar, anns an Eilean Sgitheanach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 7 Sep 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Sep 201621:00BBC Radio nan Gàidheal