
Còmhradh mun chrann-ola
Deich mionaidean còmhla ri dotair teaghlaich; a bheil gu leòr ùine an sin? Is 10 minutes with your GP long enough?
Leis a' cheist dè an ath cheum dhan chrann-ola air bilean an t-sluaigh, gheibh sinn facal an-diugh air eòlaichean feuch dè am beachdan fhèin air dè a b' fhèarr agus a b' iomchaidh a dhèanamh leatha. An lùib nan còmhraidhean, tha bruidhinn ann gum faodadh a toirt gu Ciseorn airson a toirt às a chèile an sin. Cluinnear cuideachd còmhradh à tasglann Choinnich a' cuimhneachadh air nuair a bha gàrradh Chiseorn trang.
Tha mòran dhroch naidheachdan air a bhith againn anns na seachdainean a tha air a dhol seachad le tubaistean anns a' mhuir, ach dè an tlachd a tha daoine a' faighinn à bhith a' snàmh sa mhuir agus dè na cunnartan a th' ann?
Tha a' chuid mhòr do dhotairan teaghlaich a' tabhainn coinneachadh riut airson 10 mionaidean ma tha thu tinn. Cluinnear gu leòr a' gearain nach eil an ùine seo fada gu leòr. Cuideachd, cluinnear dotairean ag ràdh nach eil gu leòr tìde ann airson an obair-pàipear aig euslainteach a dhèanamh agus tha seo a' ciallachadh gu bheil iad tric ag obair anmoch air an oidhche, às dèidh tòiseachadh tràth anns a' mhadainn. Dè seòrsa buaidh a tha aige seo air euslaintich agus air an dotair fhèin?
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 31 Aug 201609:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 31 Aug 201621:03BBC Radio nan Gàidheal