
Naidheachdan is annasan bho 1956, nuair a thadhal an Teaghlach Rìoghail air na h-eileanan
Na bha anns na pàipearan-naidheachd bho chionn 60 bliadhna nuair a thadhal an Teaghlach Rìoghail air na h-eileanan. Newspaper reports from the royal visit in 1956.
An t-seachdain sa chaidh, bha Prògram Choinnich a' comharrachadh 60 bliadhna bho thadhal an Teaghlach Rìoghail air na h-eileanan. An-diugh, tha Dòmhnall Màrtainn, Leas Mhorair Ionaid a' Chrùin, còmhla rinn a-rithist airson sùil a thoirt air na bh' anns na pàipearan-naidheachd aig an àm. Cuideachd, cluinnidh sinn bho Iain Bochanan ann am Beinn na Faoghla air mar a dh'ùraich na prògraman a chuimhne fhèin air an turas.
Le taic bho Chomann Gavin Wallace, tha Aonghas Padruig Caimbeul a' rannsachadh stòras Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Anns a' chiad phàirt de shreath ùr, chaidh Coinneach a chèilidh air feuch dè na h-annasan a lorg e, agus cluinnidh sinn mu Leabhar Comunn nam Fìor Ghàidheal.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Leabhar Comunn nam Fìor Ghàidheal

Broadcasts
- Tue 23 Aug 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 23 Aug 201621:00BBC Radio nan Gàidheal