
Faoighteach Panama ga leudachadh
Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse mu bheatha agus obair an taisgealaiche An Dotair John Rae. Roddy Maclean has been finding out the life story and work of explorer Dr John Rae.
Tha an deasbad mu bhith a' toirt buill-bodhaig seachad air a bhith a' dol airson ùine mhòr a-nis. Mar a tha cùisean an-dràsta, 's urrainn dhut ball-bodhaig a thoirt seachad ma tha thu dèonach agus ma tha thu air an obair-phàipeir a dhèanamh air a shon. Thathar a' beachdachadh air an lagh atharrachadh gus am feum a h-uile duine ball-bodhaig a thoirt seachad mur a can iad nach eil iad dèonach sin a dhèanamh. Tha dithis còmhla rinn le diofar bheachdan air a' chuspair.
Tha fear de na h-obraichean einnseanaireachd is iongtaiche a chaidh a-riamh a thogail anns an fhicheadamh lìnn a-nis fosgailte airson malairt. Sin am Faoighteach Panama a tha air ùr leudachadh. Tha dithis mharaichean, aig a bheil eòlas air an sgìre seo dhan t-saoghal, ag innse mu na turais a rinn iad fhèin tron chanàl seo nuair a bha iad a' seòladh aig muir.
Tha Lachie MacIlliosa à Stafainn 'san Eilean Sgitheanach a' mìneachadh an sgil a tha an lùib a bhith a' spealladh.
Agus tha Ruairidh MacIlleathain ag innse mu bheatha agus obair an taisgealaiche An Dotair John Rae. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Wed 6 Jul 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Jul 201621:00BBC Radio nan Gàidheal