
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Aig muir, faisg air an Danmhairg, thòisich blàr-mara Jutland no, mar a bh' aig na Gearmailtich air, Blàr a Sgagerrak, am blàr-mara bu mhotha sa Chiad Chogadh air a' là mu dheireadh den Chèitean agsu a' chiad là den Ògmhios. Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris bha a' chabhlach Bhreatannach fo stiùireadh an Admiral Sir Iain Jellicoe agus an Leas-Admiral Dàibhidh Beatty. Bha a' chabhlach Ghearmailteach fo chommand dà Admiral - Reinhard Scheer agus Franz von Hipper.
Air a' 5mh den Ògmhios 1916 thàinig Lord Kitchener gu ruige Scapa Flow ann an Arcaibh air HMS Oak. Bha coinneamh ghoirid aige le Admiral Jellicoe an sin mas deach e air bòrd crùisear air an robh HMS Hampshire. A dh' aindeoin 's gu robh dùil ri droch shìde an oidhche sin, sheòl a Hampshire mu fhichead mionaid gu còig feasgar. Mu leth uair an dèidh seachd, ann an rag ghèile, mu mhìle gu leth far chladaichean Arcaibh, bhuail a Hampshire ann am mèinn. Ann an cairteal na h-uarach bha i air a dhol fodha.
Air an treas latha den Ògmhios, an dèidh 14 mìosan san t-sabaid, chaidh Eòghainn MacNeacail, Eòghainn Alasdair 'ic Eòghainn à Griomasaigh, a mharbhadh aig Ypres. Bha e 24 agus a' sabaid còmhla ri Rèisimeid British Columbia dhen arm Chanèidianach. Chuala sinn criomagan à mòran de na litrichean a sgrìobh e gu phiuthar Màiri ann a Seachdain sa Chogadh gu ruige seo, agus tha litir thìomhaidh gu phiuthar againn a chaidh a sgrìobhadh leis an t-seàirdseant aige, Sgt Lane.
Air an 10mh den Ògmhios 1916, dh'fhairich an t-Eilean Sgitheanach buaidh blàr Festubert uair eile, le naidheachd bàis a' Chaiptein Raghnall Dòmhnallach, mac le Pàdraig Dòmhnallach aig an robh tuathanas ann an Gleann Hìnneasdail. Bha e pòsta aig Ealasaid Blair Coats agus bha ceathrar chloinne aca. Fear-lagha a bh' ann, a dh'ionnsaich a chiùird sa chompanaidh aig a' Chòirneil Alasdair Dòmhnallach ann am Port Rìgh agus an uairsin an Oilthigh Ghlaschu.
Chrìochnaich Blàr Mount Sorrel an ear-dheas air Ypres air an 13mh den Ògmhios. Ged nach robh Mount Sorrel ach mu thrithead meatair a dh'àird, bha sin cudromach ann an sgìre a tha cho còmhnard ris a' phàirt seo dhen Bheilg.
Last on
Broadcasts
- Mon 20 Jun 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 20 Jun 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Jun 201613:00BBC Radio nan Gàidheal