
Obair a ghàrraidh le sìde bhlàth
Comhairle bho Dhaibhaidh Murchadh MacAoidh air a bhith a' coimhead as deidh gàrradh ann an sìde bhlàth. Advice on gardening in the unexpected heatwave.
Tha taobh an ìar na dùthcha air a dhol tro greis de fìor dheagh shìde, rud ris nach eil iad air a bhi cleachdte o chìonn ùine mhòr. Bidh beagan comhairle aig Daibhaidh Murchadh MacAoidh dhuinn air a bhith a' coimhead as deidh gàrradh ann an sìde bhlàth.
Tha dà thubaist air a bhi anns na naidheachdan o chìonn ghoirid, am boireannach aig aois 80 a' leag cruinneachadh de chaileagan taobh a-muigh sgoil ann an Liverpool agus fioranach eile a tha còrr is 80 a bha a' draibheadh air an taobh ceàrr dhan rathad air an M60. Am bheil aois ann far am bheil còir agad sgur a dhraibheadh?
Tha an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais air a bhith a' rannsachadh beatha ministear eile, an t-Urr Eanraig MacDhonnchaidh a Dùn Phrìs, a bha air cùlaibh a chiad banca sàbhalaidh. Dh'fhosgail seo doighean sàbhalaidh do dhaoine aig nach robh airgead mòr. 'S e banca na sgillinnein a bh' aca air.
Gheibh sinn beachd Daibhidh Eyre air fèin-eachdraidh Mohammed Sarwar anns an leabhar ùr My Remarkable Journey.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 7 Jun 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 7 Jun 201621:00BBC Radio nan Gàidheal