
Episode 96
Iosag MacÌomhair à Leòdhas air a dhroch leòn a' feuchainn ri saighdear eile a shàbhaladh. Isaac MacIver from Lewis, injured trying to save another soldier's life in bomb practice.
Air deireadh sheachdain an 21mh agus an 22mh den Chèitean 1916 bha tòrr sna pàipearan-naidheachd ionadail mu ghaisgeachd Iosag MacÌomhair, Isaac a' Phoilis à Siabost an Leòdhas, a chaidh a dhroch leòn a' cur a bheatha fhèin an cunnart a' feuchainn ri saighdear eile a shàbhaladh. Thachair tubaist Iosaig aig campa treànaidh faisg air Leeds far an robh e ag ionnsachadh dha na saighdearan mar a thilgeadh iad bomaichean agus a' dol air falach sna trainnsichean mus spreadhadh iad air taobh a-staigh còig diogan. Tha a' Highland News a' togail na sgeòil, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 260516
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 26 May 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 27 May 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
