
Episode 92
An oidhirp mu dheireadh aig Arm Bhreatainn airson Townshend a shaoradh aig Kut-al-amara. The last attempt by British and Indian forces to rescue Townshend and his men at Kut.
Air 22mh den Ghiblean 1916 rinn Àrm Bhreatainn, fon t-Seanalair Seòras Gorringe, oidhirp eile air bristeadh tro na loidhnichean Turcach a bha cuairteachadh baile Kut-al-Amara ann am Mesopotamia. Thòisich blàr Sannaiyat aig sia uairean sa mhadainn, is feachdan Bhreatainn a' losgadh le na gunnachan mòra aca air na trainnsichean Turcach. Clunnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh còrr is mìle de na saighdearan Gàidhealach is Innseanach a ghabh pàirt san ionnsaigh a leòn no mharbhadh aig Sannaiyat. Bha mu 250 dhiubh sin anns na Sìofortaich, nam measg seachdnar a bhuineadh do Leòdhas.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 280416
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 28 Apr 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 29 Apr 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
