
Tha Màiri NicRisnidh agus còcairean Gaidhealach a'dèanamh biadh airson fèill-bhliadhnail. Mairi MacRitchie and cooks from across the Highlands prepare recipes for an anniversary.
Tha Màiri NicRisnidh a'siubhal na Gàidhealtachd is nan Eilean a'tachairt air na còcairean is fheàrr - feuch an seall iad dhi ciamar a tha iad fhèin a'dèanamh na seòrsaichean annlan is fheàrr leotha.
Anns a'phrògram seo tha Màiri a'lorg biadh a bhiodh math airson fèill-bhliadhnail. Gheibh i mach bho dheagh chòcairean dè bhios iad fhèin a'dèanamh ma tha rudaigin às an àbhaist a dhìth orra son latha sònraichte. Bracaist a tha fada bhon ghreim làitheil - glainne is cop oirre! - gu dinnear a tha a'crìochnachadh le mìlsean beairteach teòclaid.
Mar tha làn fhios aice tha dlùth cheangail eadar stamag is cridhe firionnaich, agus bì i trang na cidsin fhèin an Uibhist a Tuath a' dèanamh biadh àlainn airson fèill-bhliadhnail. Tha cearc ann an sabhs bhlasta le fìon geal agus uachdar sònraichte math, agus aig deireadh dinnear mhòr, tha àite air fhàgail aig a h-uile duine airson tort gheur liomaine.
Mairi MacRitchie is in the Highlands and islands meeting the country's most enthusiastic and skilled cooks and bakers. They share with her the tried and tested recipes that they couldn't be without. In this episode Mairi gathers recipes for an indulgent anniversary celebration. She finds out from cooks what they serve on their anniversary when they want something special, from starting the day with a romantic brunch and a glass of fizz to rounding off a delicious meal with a rich and boozy chocolate roulade. Mairi is hard at work in her own kitchen in North Uist preparing a special anniversary meal. A creamy chicken in white wine sauce is rich and decadent and sure to please, whilst a sharp lemon tart works well at the end of an indulgent meal.
Last on
Clips
![]()
Na Cupannan Ruma is Teòclaid aig Morag Anna NicLeòid
Duration: 03:57
![]()
Na Srùbain ann am Min-choirce aig Màiri
Duration: 00:52
Credit
| Role | Contributor |
|---|---|
| Presenter | Mairi MacRitchie |



