
Episode 90
An leabhar Loyal Lewis Roll of Honour 1914 and After air fhoillseachadh sa Ghiblean 1916. The book Loyal Lewis Roll of Honour 1914 and After is published in April 1916.
Air an 8mh den Ghiblean 1916, dh'innis an companaidh aig Daibhidh Mac a' Bhruthainn nach biodh iad, o seo a-mach, a' foillseachadh clàr-seòlaidh nam bàtaichean aca gach mìos mar a b' àbhaist. Bha an cogadh ga fhàgail doirbh dhaibh fios a bhith aca cuin dha-rìribh a sheòladh bàta sam bith. Chuireadh iad sanasan sna pàipearan nuair a bhiodh fios cinnteach aca agus mhol iad do sgiobairean sùil gheur a chumail air na pàipearan-naidheachd.
Ann a Leòdhas bha mòran dhaoine air am beò-ghlacadh leis an leabhar Loyal Lewis a bha air ùr fhoillseachadh. Cluinnidh bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu chuid de na beachdan a nochd mun leabhar.
Cuideachd gheibh sinn iomradh à litir agus bàrdachd bho dithis bhràithrean, Murchadh agus Iain MacGriogair à Tolastadh a' Chaolais. Bha sianar bhalach san teaghlach sa Chogadh.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 140416
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 14 Apr 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 15 Apr 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
