
Beachadan air atharrachadh a thoirt air Lìog na h-Eòrpa
'S e Aonghas Dòmhnallach a tha còmhla rinn an-diugh agus an lùib na bhios aige, atharrachadh air Lìog na h-Eòrpa. Presented by Angus MacDonald.
Tha Aonghas Dòmhnallach còmhla rinn an àite Choinnich agus an-diugh cluinnear beachd air a bhith a' fasdadh poilis aig aois sia bliadhna deug. Thàinig a' bheachd seo bhon Àrd Superintendent Gavin Thomson is e a' smaoineachadh gun cuidich eòlas na h-òige le eucoir air-loidhne, ach a bheil daoine aig aois cho òg deiseil airson a bhith air a' phoileas?
Tha UEFA a' beachdachadh air atharrachadh a thoirt air Lìog na h-Eòrpa; gheibh Aonghas facal air eòlaichean a' bhuill-coise feuch dè na molaidhean a bhiodh aca fhèin dha UEFA.
Ma tha thu a-muigh aig biadh anns na Stàitean Aonaichte agus ann an Canada, agus gu bheil cus air do thruinnsear, tha e cumanta gu leòr na tha air fhàgail a chur ann am poca is a thoirt dhachaigh leat. Ach chan eil sin na chleachdadh ann am Breatainn. Dè is coireach gu bheil biadh math a' dol a dholaidh. Cluinnear bho dhithis a tha gu math measail is eòlach air biadh, Dòmhnall Camshron à Uibhist agus Liam Crouse à Ameireagaidh.
Agus 's e Iain MacNèill a tha air a bhith anns a' bhùth charthannais an t-seachdain seo is e a' taghadh leabhraichean air £5.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 29 Mar 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Mar 201621:00BBC Radio nan Gàidheal