
25/03/2016
Dè tha 's a phrògram aig Marnie an-diugh?
Cluinnidh sinn mar a tha sgoilearan Ulapuil air feoragan a shàbhladh.
Na bha treandadh.
Mar a nì sibh ùgh Càisg.
Dùthaich eile anns a chò fhlaitheis.
Cuideachd, fiosrachadh air Marine Day a bha ann bho chionn ghoirid.
Last on
Clip
![]()
Aileag: Uighean na Càisge
Duration: 01:58
Uighean na Càisge

Airson ugh a dhèanamh, feumaidh sibh:
• Bailiùnaichean beaga
• Glaodh PVA
• Uisge
• Snàth dathte
• Siosar
• Prìne
• Uighean seòclaid beaga, le còmhdach pàipear orra
Dòigh:
1. Dèan measgachadh de ghlaodh agus uisge ann am bobhla beag.
2. Geàrr pìosan fada den t-snàth agus cuir dhan bhobhla iad.
3. Cuir dhà no trì uighean beaga am broinn a’ bhailiùn agus sèid e cho mòr ‘s a tha thu ag iarraidh.
4. Slaod pìos snàth a-mach às a’ ghlaodh agus cleachd do làmhan gus an glaodh a bharrachd a thoirt far an t-snàth.
5. Paisg an snàth timcheall a’ bhailiùin bho mhullach gu bonn agus bho thaobh gu taobh, gus am bi cruth ugh air.
6. Fàg pìos beagan nas motha aig a’ bhonn gus na seòclaidean fhaighinn às.
7. Croch am bailiùn agus fàg e airson aon oidhche.
8. An ath latha, leig an èadhar a-mach às a’ bhailiùin agus bu chòir ugh snog dathte a bhith agaibh le ruideigin snog na bhroinn.
Broadcasts
- Fri 25 Mar 201614:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 26 Mar 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
