Episode 1
Prògram airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan. John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Sa chiad phrògram den t-sreath ùr seo, tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Annice NicLeòid agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil, tha an t-Ollamh Michel Byrne a' tilleadh airson sreath eile le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear criomagan bho phrògraman à tasglann Radio nan Gàidheal.
In the first programme in this series for Gaelic learners, John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings and chats to Annice MacLeod about her learning experience. Gaelic grammar help is also on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University who uses materials from the BBC archives to illustrate some of the complexities of the language.
Supporting materials for the series can be found at bbc.co.uk/radionangaidheal.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Clips
![]()
Beag air Bheag: Sùil air a' Mhapa 1
Duration: 02:13
![]()
Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil
Duration: 01:28
![]()
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 16:53
![]()
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Duration: 00:59
Tar-sgrìobhadh – Mac'illeMhìcheil
Beathag Mhoireasdan
Iain: Bha thu ag innse dhomh mus tàinig sinn air an èadhar gu bheil ùidh mhòr agad ann an Dubai agus...
Beathag: Oh seadh.
Iain: ...gum bi thu a’ dol ann tric.
Beathag: Bidh, uill uair anns a’ bhliadhna, tha. Tha Dubai a’ còrdadh rium agus nuair a thill mi... nuair a bha mi air an t-slighe air ais à Astràilia, dh’fhuirich mi ann an Dubai trì oidhche dìreach airson...
Iain: Dè tha gad thoirt air ais ann? A bheil bodach agad ann an Dubai?
Beathag: Oh isd! Chan eil!
Iain: Sheikh?
Beathag: Chan eil sheikh agam. Oh murt mhòr!
Iain: Ach a bheil adhbhar carson a tha thu a’ dol a-null cho tric?!
Beathag: Tha thu a-nist’ a’ toirt orm gàireachdaich! Uill chaidh mi ann an toiseach... fhuair mi cuireadh bho caraid dhomh, caraidean dhomh a bha ann agus bha esan ag obair ann an Dubai. Agus sin mar a thòisich mi a’ dol ann. Bhithinn acasan an toiseach, ach an uair sin thàinig iad dhachaigh a dh’fhuireach an Glaschu air ais. Ach chùm mise a’ dol ann airson seachdain. Mar as trice, ’s ann anns an Fhaoilleach a bhios mi a’ dol ann. Deireadh an Fhaoillich, tha an t-sìde an uair sin ann an Dubai a’ fàs blàth is tha e gu math càilear.
Iain: Feumaidh mi aideachadh an t-eòlas a th’ agam air Dubai, chan eil miann sam bith agam dol ann.
Beathag: Nach eil?
Iain: Ach feuch ri reic a-niste.
Beathag: Uill, tha e math airson ceannach
Iain: Tha, tha e coltach.
Beathag: Tha malls uabhasach math ann. Ach a bharrachd air a sin, tha tòrr ann a dh’fhaodas tu dhèanamh.
Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 1
Calum Bàn
Chan eil balach eile ann an sgìre Lag na Coille cho tapaidh, cho modhail, cho sunndach, agus cho èasgaidh ri Calum Bàn, mac Sheumais Chaluim. Tha a h-uile duine anns an àite, sean is òg, glè mheasail air a’ ghille seo, agus tha adhbhar aca.
Ged nach eil e ach glè òg, chan eil car nach cuir e a làmh ris, agus tha e cho deònach cuideachadh a thoirt do neach eile ’s a tha e obair an taighe aca fhèin a dhèanamh.
Chan eil Calum fhathast ach aon bliadhna deug a dh’aois ach tha e mòr, làidir. Tha suas ri còig troighean a dh’àird ann, agus cha mhòr nach ann a chanadh tu gu bheil e ceithir bliadhna deug a dh’aois. Is ann ri cuideachd athar a chaidh Calum, agus is e daoine mòra, treuna a bha annta riamh. Tha fios aig muinntir na sgìre air fad cho làidir agus cho sunndach, sgiobalta is a bha seanair Chaluim an uair a bha e na dhuine òg. Cha robh aca air a-riamh ach “Calum Mòr”. Is e ainm a sheanar a tha air Calum Bàn ach, fhad ’s a tha e anns an sgoil, chan eil air ach Calum MacDhòmhnaill, agus is e sin an t-ainm a bhitheas e a’ sgrìobhadh air a leabhraichean Gàidhlig.
Tha mòran ag ràdh nach eil àite eile ann a tha nas brèagha na Lag na Coille ach is ann a chanas Calum fhèin nach eil àite idir ann a tha faisg cho brèagha ris. Is ann ri taobh Loch an Dùin a tha an taigh bòidheach, grinn anns a bheil e a’ fuireach, e fhèin is athair is a mhàthair, agus Màiri, a phiuthar.
A. Feuch dè cho math ’s a fhreagras tu na ceistean seo:
1. Càit a bheil Calum a’ fuireach?
2. Carson a tha “Calum Bàn” ac’ air?
3. Dè an seòrsa gille tha ann an Calum?
4. Dè an t-ainm a tha air athair Chaluim?
5. Carson is toigh leis a h-uile duine Calum?
6. Dè an aois a tha e?
7. Dè an aois a tha thu fhèin?
8. Dè an àird a tha ann?
9. Dè nis an àird a tha annad fhèin?
10. Carson a thugadh an t-ainm air Calum?
11. Dè an seòrsa àite tha ann an Lag na Coille?
12. Saoil gu dè tha fàs anns an àite seo?
13. Càit a bheil an taigh anns a bheil Calum a’ fuireach?
14. Dè an seòrsa taighe tha ann?
15. Càit a bheil an taigh agad fhèin?
16. Cò tha fuireach còmhla ri Calum?
17. Cò tha fuireach còmhla riut fhèin?
18. Cia mheud piuthar a tha aig Calum?
19. Cia mheud bràthair a tha aige?
20. Cia mheud piuthar agus bràthair a tha agad fhèin?
B. Cuir facail fhreagarrach anns na sreathan seo, far a bheil feum orra:
1. Tha... anns a’ choille.
2. Gheibh sinn... anns a’ mhuir.
3. Gheibh sinn faochagan anns an...
4. Tha... a’ fàs anns a’ ghàrradh.
5. Bidh sinn ag ithe... còmhla ri sgadan.
6. Ni am bainne an tì...
7. Nì an... an tì milis.
8. Cluinnidh tu searmon anns an...
9. Tha fraoch a’ fàs air a’...
10. Cha bhi clann idir anns an... Disathairne.
Tar-sgrìobhadh – Smuain na Maidne
Peigi Townsend
Peigi: Tha mi a’ creidsinn nach eil duine beò againn nach eil a’ gabhail an eagail aig àm air choireigin. Mar a tha an seanfhacal a’ cur nar cuimhne, ’s e th’ anns an eagal ach rud a thig gun iarraidh, is nam b’ urrainn dhuinn a sheachnadh, dhèanamaid ar dìcheall gus sin a dhèanamh.
Nist’, tha fhios againn gu bheil buaidh chumhachdach aig an eagal air ar ceann-eanchainn agus às a dhèidh sin air ar corp gu lèir. Bhon a tha sinn fo chochall ar cridhe, faodaidh e a bhith gun caill sinn ar lùths airson greis neo gum bi ar stamag a’ cur nan car a’ mhuiltein.
Tha saic-eòlaichean ag innse dhuinn gu bheil e nàdarra gu leòr a bhith air ar clisg nuair a tha sinn ann an cunnart air choreigin, neo ma tha cunnart air choreigin air fàire. Glè thric, tha eagal na mheadhan air ar beatha a dhìon. Ma tha eagal oirnn ro rud air choreigin, can teine, cha tig sinn cho dàn air 's gun dèan e cron oirnn.
’S e gliocas a th’ ann cuideachd a bhith caran gealtach ann an suidheachaidhean air nach eil sinn cho eòlach. Is tha e nàdarra cuideachd eagal a bhith oirnn ro bhocain, 's ro fhulangas is ron bhàs.
Sùil air a' Mhapa 1
Dè a’ Ghàidhlig air ‘mountain’? O chionn ghoirid, chuir fear a’ cheist sin orm – ann am Beurla. Fhreagair mi, ‘Dè an seòrsa mountain?! Tha còrr is ceud facal againn ann an Gàidhlig airson ‘mountain’ no ‘hill’!
Bidh sibh eòlach air an fhacal beinn. Mar eisimpleir Beinn nan Lus ann am Muile. Beinn nan Lus.
Canaidh sinn ‘beinn’ an-diugh. Ach bha na seann daoine ag ràdh, ‘beann’. Beann. Cluinnidh sinn ‘beann’ fhathast. Mar eisimpleir, ma tha sinn a’ gabhail deoch-slàinte, faodaidh sinn seo a ràdh – ‘Tìr nam Beann, ’s nan Gleann ’s nan Gaisgeach!’ – the land of the mountains, the glens and the heroes. Tìr nam Beann, ’s nan Gleann ’s nan Gaisgeach.
An toiseach bha ciall eile air beann. Bha e a’ ciallachadh ‘adharc’ – an animal’s horn. Mar sin, tha beannach a’ ciallachadh ‘horned’. Beannach.
Airson ‘on the mountain’, bha daoine ag ràdh, ‘air a’ bheinn’. Cha robh iad ag ràdh, ‘air a’ bheann’. Tha adhbhar gramataigeach airson sin. Ach fàgaidh mi sin aig Oisean a’ Ghràmair, ’s dòcha! Co-dhiù, bha daoine ag ràdh, ‘Bidh mi air a’ bheinn a-màireach’, ‘Tha sneachd air a’ bheinn.’ Agus dh’atharraich beann gu beinn.
Air ais gu Beinn nan Lus ann am Muile. A bheil sibh a’ tuigsinn ciall an ainm? Tha lus a’ ciallachadh ‘plant’ no ‘herb’. Beinn nan Lus – the mountain of the plants. Àite math airson lusan fhaicinn!
Oisean a’ Ghràmair 1: Notaichean
GA MO THOIRT / DO THOIRT / GA THOIRT etc
gam thoirt ‘taking/bringing me’
gad thoirt ‘taking/bringing you’
ga thoirt ‘taking/bringing him/it’
ga toirt ‘taking her/it’
gar toirt ‘taking us’
gur toirt ‘taking you (pl.)
gan toirt ‘taking them’
Tha an dealbh seo gam thoirt ais ais gu làithean m’ òige.
‘This photo takes me back to my young days [days of my youth]’.
Bidh mi ga thoirt dhachaigh anns a’ chàr.
‘I’ll be taking him home by car.’
Bidh mi ga toirt dhachaigh anns a’ chàr.
‘I’ll be taking her home by car.’
Bhiodh am bus gar toirt dhachaigh aig deireadh na h-oidhche.
‘The bus would take us home at the end of the night.’
Bidh mi gur toirt air ais gu rudan a chuala sibh nas tràithe air a’ phrògram.
‘I’ll be taking you back to things you heard earlier o in the programme.’
Chan eil feum annta ’s bidh mi gan toirt air ais dhan bhùth a-màireach.
‘They’re no use and I’ll be taking them back to the shop tomorrow.’
Iain MacIlleMhìcheil agus Beathag Mhoireasdan:
“Dè tha gad thoirt air ais ann?”
What takes you back there?
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 1, Prògram 9
’S ANN . . . A (cuideam [emphasis] air cuin, càit, ciamar, carson…)
Iain MacIlleMhìcheil agus Beathag Mhoireasdan:
“Mar as trice, ’s ann anns an Fhaoilleach a bhios mi a’ dol ann.”
‘Usually, it’s in January that I go (there).’
Bidh mi a’ dol ann [Cuin?...] anns an Fhaoilleach.
→ ’S ann anns an Fhaoilleach a bhios mi a’ dol ann.
‘It’s in January I usually go.’
EISIMPLEIREAN EILE:
Tha sinn a’ falbh [Cuin?...] an-diugh fhèin.
→ ’S ann an-diugh fhèin a tha sinn a’ falbh. Greas ort!
‘It’s today we’re going away. Hurry up!’
Bidh mi a’ dol [Càit?...] a Dhubài an toiseach, agus an uair sin a dh’Astràlia.
→ ’S ann a Dhubài a bhios mi a’ dol an toiseach, agus an uair sin a dh’Astràlia.
Bidh mi a’ falbh [À càit?...] à port-adhair Ghlaschu.
‘I’ll be leaving from Glasgow airport.’
→ ’S ann à port-adhair Ghlaschu a bhios mi a’ falbh.
Cò às a tha sibh? Tha mise à Glaschu, tha Iain à Ìle agus tha Màiri-Cèit à Uibhist.
→ ’S ann à Glaschu tha mise, à Ile a tha Iain, agus à Uibhist a tha Màiri-Cèit.
Bidh mi a’ siubhal [Ciamar?...] air bàta.
→ ’S ann air bàta a bhios mi a’ siubhal ann.
’It’s by boat (that) I’ll be going.’
Bidh mi a’ siubhal [Ciamar?...] leam fhìn.
→ ’S ann leam fhìn a bhios mi a’ siubhal.
‘It’s by myself (that) I’ll be travelling.’
Tha iad a’ siubhal [Ciamar?...] leis a’ chàr.
→ ’S ann leis a’ chàr a tha iad a’ siubhal.
‘It’s by car that they’re travelling.’
Tha iad a’ falbh [Cuin?...] an-ath-sheachdain.
→ ’S ann an-ath-sheachdain a tha iad a’ falbh.
‘It’s next week they’re leaving.’
Tha mise a’ falbh [Cuin?...] an-dràsta fhèin.
‘I’m leaving right now,’
→ ’S ann an-dràsta fhèin a tha mise a’ falbh.
‘It’s right now that I’m leaving.’
Cha deach sinn ann [Carson?...] air sgàth na droch thìde.
→ ’S ann air sgàth na droch thìde nach deach sinn ann.
‘It’s because of the bad weather (that) we didn’t go.’
(Note: nach deach = negative of a chaidh)
Diofar eadar ’S ANN (‘It’s…) agus ’S E (‘It’s…) ?
Cuideam (emphasis) air cuin, càit, ciamar, carson: ’S ann
Cuideam (emphasis) air cò no dè: ’S e
’S E :
Cò bha air a’ phrògram? Bha Beathag air a’ phrògram.
→ ’S e Beathag a bha air a’ phrògram.
‘It’s Beathag that was on the program.’
Cò bha a’ bruidhinn rithe? Bha Iain a’ bruidhinn rithe.
→ ’S e Iain a bha a’ bruidhinn rithe.
‘It’s Iain that was speaking to her.’
Dè bha a’ còrdadh rithe? Bha na malls a’ còrdadh rithe.
→ ’S e na ‘malls’ a bha a’ còrdadh rithe.
‘It’s the malls she enjoyed.’
Dè tha dhìth orm? Tha saor-làithean a dhìth orm.
→ ’S e saor-làithean a tha dhìth orm.
‘It’s holidays I need.’
Coimeas eadar ’S E (‘It’s…) agus ’S ANN (‘It’s…):
It’s Màiri: ’S e Màiri
’S e Màiri a bhios còmhla rium.
It’s with Màiri: ’S ann le Màiri
’S ann le Màiri a bhios mi a’ dol ann.
It’s holidays: ’S e làithean saora
’S e làithean saora a tha dhìth orm.
‘It’s holidays (that) I need.’
It’s during the holidays: ’S ann anns na làithean saora
’S ann anns na làithean saora a thèid sinn ann.
‘It’s during the holidays (that) we’ll go.’
It’s the bad weather: ’S e an droch thìde
’S e an droch thìde a chuir stad oirnn.
‘It’s the bad weather that stopped us.’
It’s because of the bad weather: ’S ann air sgàth na droch thìde
’S ann air sgàth na droch thìde nach deach sinn ann.
‘It’s because of the bad weather (that) we didn’t go.’
Thoiribh an aire cuideachd: AN ANN? CHAN ANN?
An ann le Seòras a bhios tu a’ dol ann?
Chan ann. ’S ann le Màiri a bhios mi a’ dol ann. (No: Chan ann, ach le Màiri.)
FAICIBH CUIDEACHD: Beag air Bheag 2, Prògram 8
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 20 Mar 201621:32BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Mar 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Mar 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Mar 201610:31BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Jul 201621:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Jul 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Jul 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Jul 201610:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Jun 202121:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 30 Jun 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 30 Jun 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Jul 202110:30BBC Radio nan Gàidheal
Podcast
![]()
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.



