
Am bu chòir poilis a bhi anns na sgoiltean?
An-diugh am bu chòir poilis a bhith anns na sgoiltean? Discussing if schools should have a police presence.
Tha eòlaiche fòirneart John Carnochan air a ràdh nam bitheadh oifigear poilis air a bhith air a stèidheachadh aig Acadamaidh Cults gur dòcha nach bitheadh Bailey Gwynne air bàsachadh. Tha e cuideachd a' moladh gu bu chòir poileas a bhi an làthair anns gach sgoil. Tha Donnchadh Fearghasdan, a b'àbhaist a bhith os cionn Sgoil a' Phluic, a toirt beachd air na Carnochan a ràdh.
Tha Tormod Macleòid an seo le triùir ghaisgich agus an t-seachdain seo cluinnidh sinn mu Alexander Flemming, an t-Urramach Murchadh Eoghan Dòmhnallach agus William "Bill" Millin.
Cuideachd cluinnidh sinn mu sgeama ùr airson beartan a' thoirt a-mach air màl.
Agus tha Murchadh Peutan ag innse mar a thòisich an cleachdadh ag atharrachadh na cleocan aig àmanan sònraichte den bhliadhna agus sinn a' leum air thoiseach uair a thìde madainn na Sàbaid seo tighinn. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcast
- Thu 24 Mar 201609:00BBC Radio nan Gàidheal