
Episode 86
Gilleasbuig MacDhòmhnaill le geàrr-chunntas air naidheachdan a' Chiad Chogaidh. Gilleasbuig MacDonald with a round-up of the week's events in the First World War 100 years ago.
Air an 12mh den Mhàirt 1916 choinnich ceannardan airm nan dùthchannan Co-chòmhraigeach a-rithist ann an Chantilly san Fhraing gus beachdachadh air ionnsaighean samhraidh air an Somme agus taobh sear na Roinn Eòrpa. Agus le dearbhadh aig toiseach a' Mhàrt gum biodh fir singilte eadar 18 is 41 air an togail dhan arm gus sabaid sa chogadh fo Achd Seirbheis an Airm, nochd fiosrachadh ann am pàipearan-naidheachd ionadail aig deireadh na seachdain sa, an Ross-shire Journal nam measg, ag innse gum biodh sùil as ùr ga thoirt air na dreuchdan nach fheumadh a dhol dhan arm. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill cò air a bha iad ag amas.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 170316
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 17 Mar 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 18 Mar 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
