
Steaphanaidh Chaimbeul agus Iain Eòsaph MacNèill
Eòghann MacEanraig a' còmhradh ri luchd-ciùil mu na h-innealan-ciùil aca. Ewen Henderson speaks to guests about their musical instruments.
'S e fear-ciùil gu smior a tha ann an Eòghann MacEanraig. 'S ann bho bhith a' cluich ciùil a tha e a' dèanamh a bheò-shlaint. Tha ùidh mhòr aige gu sònraichte ann an ceòl Gàidhealach ach cuideachd ann an ceòl agus innealan-ciùil san fharsaingeachd. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Eòghann a' dol air feadh na dùthcha a' còmhradh ri luchd-ciùil eadar-dhealaichte mu na h-innealan aca. Cò às a thàinig iad? Cò a rinn iad? Dè an seanchas a tha cò-cheangailte riutha? Anns a' chòigeamh prògram, tha Eòghann a' bruidhinn ri Iain Eòseaph MacNèil mu organ na h-eaglaise agus ri Steaphanaidh Chaimbeul mun sacsafòn.
Last on
Steaphanaidh Chaimbeul agus Eòghann MacEanraig

Iain Eòsaph MacNèill

Broadcasts
- Thu 25 Feb 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Feb 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Feb 201609:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Feb 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Feb 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Feb 201813:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 17 Dec 201820:33BBC Radio nan Gàidheal