
An t-Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service with the Rev Iain Murdo MacDonald, Church of Scotland, Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh
Salm 2: 7-8 air fonn Montrose agus 's e Eòin MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 72: 17-19 air fonn Torwood agus 's e Iain A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Mata 22: 24 - 46
Ceann-teagaisg: Mata 22: 42
'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil sa sgìre sin mus deach e a bhaile mhòr Steòrnabhaigh son foghlam aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.
Rugadh is thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit.
Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh airson a bhith na mhinistear.
Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. Às dèidh trèanadh airson na ministrealachd chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh .
Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus bha e ann an sin chun an uiridh. Ghluais e gu coitheanal an Tairbeart anns na Hearadh as t-samhradh sa chaidh. Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill - an nighean a b' òige aig an Urr Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Mhurdaig ) 's a bhean, Màiri - agus tha triùir chloinne aca.
Last on
An t-Urr Iain M Dòmhnallach sa theaghlach

Broadcasts
- Sun 21 Feb 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Feb 201615:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Aug 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Aug 201615:00BBC Radio nan Gàidheal