
Ingrid NicEanraig agus Iain MacPhàrlain
Eòghann MacEanraig a' còmhradh ri luchd-ciùil mu na h-innealan-ciùil aca. Ewen Henderson speaks to musicians about their instruments.
'S e fear-ciùil gu smior a tha ann an Eòghann MacEanraig. 'S ann bho bhith a' cluich ciùil a tha e a' dèanamh a bheò-shlaint. Tha ùidh mhòr aige gu sònraichte ann an ceòl Gàidhealach ach cuideachd ann an ceòl agus innealan-ciùil san fharsaingeachd. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Eòghann a' dol air feadh na dùthcha a' còmhradh ri luchd-ciùil eadar-dhealaichte mu na h-innealan aca. Cò às a thàinig iad? Cò a rinn iad? Dè an seanchas a tha cò-cheangailte riutha? Anns an treas prògram, tha Eòghann a' bruidhinn ri a phiuthar, Ingrid Nic Eanraig mun chlàrsaich agus ris an duine aice, Iain MacFarlain mun fhìdheal.
Last on
Broadcasts
- Thu 11 Feb 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 11 Feb 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Feb 201612:59BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Dec 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 4 Dec 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Dec 201713:00BBC Radio nan Gàidheal