Main content

Ailean Dòmhnallach agus Alasdair Mearns
Eòghann MacEanraig a' còmhradh ri luchd-ciùil mu na h-innealan-ciùil aca. Ewen Henderson speaks to musicians about their instruments.
'S e fear-ciùil gu smior a tha ann an Eòghann MacEanraig. 'S ann bho bhith a' cluich ciùil a tha e a' dèanamh a bheò-shlaint. Tha ùidh mhòr aige gu sònraichte ann an ceòl Gàidhealach ach cuideachd ann an ceòl agus innealan-ciùil san fharsaingeachd. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo, tha Eòghann a' dol air feadh na dùthcha a' còmhradh ri luchd-ciùil eadar-dhealaichte mu na h-innealan aca. Cò às a thàinig iad? Cò a rinn iad? Dè an seanchas a tha cò-cheangailte riutha? Anns a' chiad phrògram, tha Eòghann a' bruidhinn ri Ailean Dòmhnallach mun tromb agus ri Alasdair Mearns mu dà sheann phìob mhòr a th' aige.
Last on
Sun 19 Nov 201713:00
BBC Radio nan Gàidheal
Broadcasts
- Thu 28 Jan 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Jan 201622:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 31 Jan 201609:31BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 13 Nov 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 13 Nov 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Nov 201713:00BBC Radio nan Gàidheal
