
05/02/2016
Bidh Iain a' cur fàilte an t-seachdain-sa air Daibhidh Walker, an cleasaiche cliùiteach à Uibhist a Deas. Country music and chat with David Walker, an actor and comedian from Uist.
Dà uair a thìde de cheòl is còmhradh math beòthail còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Bidh Iain a' cur fàilte an t-seachdain-sa air Daibhidh Walker, an cleasaiche cliùiteach à Uibhist a Deas. Tha iomadh bliadhna ann bho thòisich Daibhidh ag actadh air telebhisean, radio agus an àrd-ùrlar. A-measg na prògraman anns an do chuir sinn eòlas air, tha Ran Dan, PC Alasdair Stiùbhart, agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh, Bannan air BBC ALBA, an t-sreath ainmeil Ameireaganach Outlander agus an comadaidh Gaol@Gael.
Bidh Daibhidh tric cuideachd an sàs ann an obair theatar. An uiridh ghabh e pàirt san dealbh-chluich Sequamur air a sgrìobhadh le Dòmhnall S Moireach airson Pròiseact nan Ealan, agus tha e an dràsda ag ullachadh airson pìos theatar ùr còmhla ris an sgrìobhaiche Iain F Macleòid.
Cluinnidh sinn seanchas Dhaibhidh, agus ceithir de na roghainnean cìuil pearsanta aige. Mar is àbhaist cuideachd bidh measgachadh math de cheòl is òrain air a thaghadh dhuinn le Iain fhèin, a' toirt a-steach cuid de na guthan 'country' is fheàrr a th'ann.
Two hours of chat and music with John Carmichael broadcasting LIVE from the BBC studios in Glasgow. John welcomes David Walker, actor and comedian who hails from South Uist. David has appeared on our screens in various productions including Ran Dan and Bannan. He is currently working on a stage show along with writer Iain F MacLeod. David will reveal his four favourite pieces of music and John will include an exceptional array of music including Americana, folk, Celtic and country and western.
Last on
Clip
![]()
Mac'illeMhìcheil 050216
Duration: 06:47
Broadcast
- Fri 5 Feb 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
