
Episode 78
Bàs saighdear a bhuineadh do Leòdhas, Dòmhnall Snaddon, nach robh ach 15 bliadhna gu leth. The death of a 15-year-old soldier in France who had Lewis connections is reported.
Chaill Dòmhnall MacLeòid Snaddon, mac Màiri Dhòmhnaill Dhòmhnaill à Bail' Ailein a bheatha air an t-seachdain sa ann a 1916, 's gun ach ach 15 bliadhna gu leth. Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse dhuinn, bha màthair Dhòmhnaill 's an duine aice, Uilleam, a' fuireach aig 3 White Street ann am Partaig. Bha Dòmhnall a' sabaid còmhla ris na Ciad Royal Scots Fusiliers an dèidh dha gabhail dhan arm air an 10mh den Ghiblean 1915.
Air a' 15mh den Fhaoilleach 1916, chaidh an soitheach Breatannach SS Appam, a ghlacadh aig muir leis a' chrùisear ainmeil Gearmailteach, SMS Moewe. Chuir na Gearmailtich criutha air bòrd agus thugadh an Appam gu Hampton Roads, port ann an Ameireaga a Tuath. Dheigheadh a' chompanaidh leis an robh an Appam, Am British and African Steam Navigation Company, gu lagh airson a faighinn air ais.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 210116
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 21 Jan 201621:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 22 Jan 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
