
Episode 75
A' coimhead air ais gu Là na Nollaige 1915 agus air adhart gu Bliadhn' Ùr 1916. Looking back on Christmas Day 1915 and forward to New Year's Day 1916.
Bha Latha na Nollaige 1915 gu math eadar-dhealaichte bhon chiad bhliadhna dhen chogadh an uair a chaidh na gunnachan air gach taobh an cur sìos, le saighdearan Gearmailteach is Co-chòmhraigeach a' seinn laoidhean Nollaig dha chèile agus gu h-ainmeil a' tighinn a-mach às na trainnsichean a chluiche geam ball-coise. Sna làithean ron Nollaig 1915 chaidh fios a chur chu na saighdearan a' cur nam faireachadh nach biodh fosadh sam bith ann air a 25mh den Dùbhlachd.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill cuideachd a' toirt thugainn an iomradh mu dheireadh bho leabhar-là Eòghainn MhicArtair à Cill Daltain an Ìle. Gu mì-fhortanach chan eil an còrr ri fhaotainn bho leabhar-latha Eòghainn MhicArtair às dèidh sin. Chan eil fios an do sguir e a' sgrìobhadh no, nas coltaiche, an deach an còrr de na sgrìobh e ann an 1916 air chall nuair a chaill e fhèin a bheatha aig an Somme air an 8mh den Lùnastal 1916.
Last on
More episodes
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 311215
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 31 Dec 201521:00BBC Radio nan Gàidheal
- New Year's Day 201611:50BBC Radio nan Gàidheal
