
Dòmhnall Moireasdan, am Patch, a bh' air crann an Iolaire fad na h-oidhche
Sgeulachd Dhòmhnaill Mhoireasdain a chuir seachad fad na h-oidhche air crann an Iolaire. Donald Morrison recounts how he survived the ill-fated Iolaire by clinging to the mast.
Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath, Nisich a' Chogaidh Mhòir, còmhla ri Angela NicIllEathain cluinnear mu thè dha na tubaistean mara as miosa ann an uisgeachan Bhreatainn san fhicheadamh linn.
Bha Dòmhnall Mòireasdan, am Patch, às a' Chnoc Àrd air bòrd an Iolaire nuair a chaidh i air na creagan aig Biastan Thuilm oidhche na Bliadhn' Ùire 1919. Chaidh a shàbhaladh ri linn 's gun d' fhuair e air crann an t-soithich a shreap ach b' fheudar dha an oidhche a chur seachad an sin agus an soitheach air a dhol fodha. B' e an aon duine dha na trì cheud a bh' oirre a thàinig air tìr aig cidhe Steòrnabhaigh. Cluinnidh sinn an sgeulachd iongantach seo air na h-uabhasan a thachair ris air an oidhche sin mar a dh' innis e fhèin ann an clàradh a rinn e còmhla ri Comann Eachdraidh Nis anns na seachdadan.
Cuideachd tha Angela a' coinneachadh ri ogha a pheathar, Dòmhnall MacIllEathain, Dòmhnall Ailein Mhòir agus dà nàbaidh dha, Peigi Màiri NicLeòid agus Donnchadh MacGillÌosa airson an cuimhneachain fhèin fhaighinn air Dòmhnall.
Last on
More episodes
Next
You are at the last episode
Broadcasts
- Thu 10 Dec 201512:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 10 Dec 201522:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 13 Dec 201513:00BBC Radio nan Gàidheal
